- 'S e amas na buidhne a' Ghàidhlig a bhrosnachadh, a neartachadh 's a leasachadh air na sgìre Loch Abar. Bidh i a' stìuireadh chlasaichean Gàidhlig ann an diofar àiteachan le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd. Bidh i cuideachd ag obair aig ìre choimhearsnachd gus iomhaigh na Gàidhlig a thogail anns an iomdach tachartas a bhios a' gabhail àite sa sgìre
- Buidheann coimhearsnachd a tha toirt misneachd agus piseach do chòraichean na Gàidhlig agus do còraichean nan Gàidheil a tha fuireach ann am baile agus ann an sgìre Inbhir Nis
- Dealbhan na sgìre agus leasanan cruinn-eòlais a' buntainn leotha. Le Nevis Hulme, fear-teagaisg cruinn-eòlais ann an Àrdsgoil Gheàrrloch. Gàidhlig le Maoilios Caimbeul.
- Iomairt a chaidh a stèidheachadh ann an 1992 airson frith- rathaidean a chàradh agus milleadh talmhainn a sheachnadh anns an sgìre. Tha am proiseact air a ruith an cò-bhann ri Dulachas Nàduir na h-Alba, Iomairt an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse is Comhairle na Gàidhealtachd.
- Iomairt bhon Choimhearsnachd Eòrpach airson taic a thoirt do coimhearsnachdan dùthchail gus beatha nas fheàrr a bhith aca agus gus cur ri eaconomaidh na sgìre.